The Rankins - O Tha Mo Dhùil Ruit lyrics

Published

0 190 0

The Rankins - O Tha Mo Dhùil Ruit lyrics

(Traditional) O tha mo dhùil ruit Tha 's bi mo dhùil ruit Òg a chuir mi ùidh Ann an cùirtear na féile Caomh leam an t-òigear Dh'fhalbh uainn Di-Dòmhnaich 'S e bhi nochd a' seòladh Thug deòir mo léirsinn O tha mo dhùil ruit Tha 's bi mo dhùil ruit Òg a chuir mi ùidh Ann an cùirtear na féile Gheall e bhi dìleas 'S cinnt leam gur fìor e Ged tha mi 'n diugh fo mhì-ghean Gun sgrìobhadh 'o méudail O tha mo dhùil ruit Tha 's bi mo dhùil ruit Òg a chuir mi ùidh Ann an cùirtear na féile 'S diomhain bhi tùrsach 'S deòir air mo shùilean Chaoidh cha chuir e cùl rium Mo run-sa cha tréig mi O tha mo dhùil ruit Tha 's bi mo dhùil ruit Òg a chuir mi ùidh Ann an cùirtear na féile Com as grinne nàdur Beul as binne mànran Rognaich mi thar chàche 'S gur tràth thag mi spéis da O tha mo dhùil ruit Tha 's bi mo dhùil ruit Òg a chuir mi ùidh Ann an cùirtear na féile Gann biodh ar storas Mòr bidh ar sòlas Gach làtha mar bu chòir dhuinn A' còmhnadh a chéile O tha mo dhùil ruit Tha 's bi mo dhùil ruit Òg a chuir mi ùidh Ann an cùirtear na féile